Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 18:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an là màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd ann am meadhon an taighe; agus chluich Daibhidh le a làimh, mar air uairean eile: agus bha sleagh ann an làimh Shauil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad.

Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar seo, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot-gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.

Agus labhair Hananiah an làthair an t‑sluaigh uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Amhail seo brisidh mise cuing Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin o mhuineal nan uile chinneach an taobh a‑staigh de dhà bhliadhna iomlan. Agus dh’fhalbh am fàidh Ieremiah roimhe.

Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh:

Agus air a shon seo cuiridh Dia treun-obrachadh meallaidh dan ionnsaigh, ionnas gun creid iad a’ bhreug:

Agus thubhairt i, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thubhairt e, Thèid mi a‑mach, mar air uairean eile, agus crathaidh mi mi fhèin: oir cha robh fhios aige gun d’imich an Tighearna uaithe.

Agus nuair a bha an droch spiorad o Dhia air Saul, an sin ghabh Daibhidh clàrsach, agus chluich e le a làimh: agus bha fois aig Saul, agus bha e gu math; oir dh’fhalbh an droch spiorad uaithe.

Agus chùm Saul sùil air Daibhidh on là sin, agus o sin a‑mach.

Agus dh’iarr Saul Daibhidh a bhualadh gu ruig am balla leis an t‑sleagh; ach tharraing e air falbh à làthair Shauil, agus bhuail e an t‑sleagh a‑steach anns a’ bhalla: agus theich Daibhidh, agus chaidh e as air an oidhche sin.

Agus ghairm Ionatan air Daibhidh, agus chuir Ionatan an cèill dha na briathran sin uile: agus thug Ionatan Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus bha e na fhianais mar a bha e roimhe.

Agus bha an droch spiorad on Tighearna air Saul nuair a shuidh e na thaigh, agus a shleagh na làimh: agus chluich Daibhidh le a làimh.

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan