Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 18:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin, nuair a thig mise a dh’ionnsaigh do sheirbhisich, m’athair, gun an leanabh maille rinn (do bhrìgh gu bheil a anam-san ceangailte ann an anam an leinibh);

Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair, a Ionatain: ro‑thaitneach bha thu dhòmhsa: b’iongantach do ghràdh dhòmhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban.

Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh-sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.

Teagaisg dhomh, a Thighearna, do shlighe; gluaisidh mi ad fhìrinn; coicheangail mo chridhe a‑chum eagal d’ainme a bhith orm.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean-phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean;

Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;

Mar sin chruinnicheadh fir Israeil uile an aghaidh a’ bhaile, ceangailte ri chèile mar aon duine.

Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.

An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin.

Agus labhair Saul ra mhac Ionatan, agus ra sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Daibhidh.

Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin.

Agus thug Ionatan air Daibhidh mionnachadh a‑rìs, a chionn gun do ghràdhaich e e: oir ghràdhaich e e mar a ghràdhaich e a anam fhèin.

Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar?

Gun deachaidh sibh uile ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, agus nach eil neach ann a chuireas an cèill dhomh gu bheil mo mhac air dèanamh coicheangail ri mac Iese; agus nach eil neach agaibh a tha duilich air mo shon, no a chuireas an cèill dhomh gun do dhùisg mo mhac mo sheirbhiseach am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh?

Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan