Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:51

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ruith Daibhidh agus sheas e air an Philisteach, agus ghlac e a chlaidheamh, agus tharraing e as a thruaill e, agus mharbh e e, agus gheàrr e dheth a cheann leis. Agus nuair a chunnaic na Philistich gu robh an gaisgeach marbh, theich iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus mharbh e Eiphiteach, duine comharraichte: agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh; ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich agus mharbh e le a shleagh fhèin e.

Oir nuair a thàinig iad a‑steach don taigh, bha esan na laighe air a leabaidh na sheòmar-cadail, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e, agus chuir iad an ceann dheth, agus thug iad leo a cheann, agus dh’imich iad romhpa air slighe an fhàsaich rè na h‑oidhche.

Agus chroch iad Hàman air a’ chroich a dheasaich e do Mhordecai. Agus thraogh fearg an rìgh.

A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.

Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;

Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tabhaill agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e: ach cha robh claidheamh ann an làimh Dhaibhidh.

Agus dh’èirich Daibhidh, agus theich e air an là sin à fianais Shauil, agus chaidh e gu Achis rìgh Ghat.

Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e.

Agus gheàrr iad dheth a cheann, agus rùisg iad a armachd dheth, agus chuir iad fios gu tìr nam Philisteach mun cuairt, ga chur an cèill ann an taigh an diathan brèige, agus am measg an t‑sluaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan