1 Samuel 17:44Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, Thig am ionnsaigh-sa, agus bheir mi d’fheòil do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na machrach. Faic an caibideil |
A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.
Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh-bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel.