1 Samuel 17:43Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, An cù mise gun tigeadh tu am ionnsaigh le bataichean? Agus mhallaich am Philisteach Daibhidh ann an ainm a dhiathan. Faic an caibideil |
An sin bha fearg mhòr air Abner airson briathran Isboseit, agus thubhairt e, An ceann coin mise, a bhuineas do Iùdah? Tha mi a’ nochdadh coibhneis an‑diugh do thaigh Shauil, d’athair, da bhràithrean, agus da chàirdean, agus cha tug mi thairis thusa do làimh Dhaibhidh; gidheadh tha thusa a’ cur coire as mo leth an‑diugh a‑thaobh na mnà seo.
Thig a‑nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhòmhsa an sluagh seo, oir tha iad tuilleadh is cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gum fuadaich mi iad a‑mach as an dùthaich; oir tha fhios agam gu bheil esan a bheannaicheas tusa beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu mallaichte.