Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig am Philisteach air aghaidh agus tharraing e am fagas do Dhaibhidh; agus fear-iomchair a sgèithe roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile.

Agus ghabh e a bhata na làimh, agus thagh e dha fhèin còig clachan mìne on t‑sruth, agus chuir e iad ann am màla buachaille a bha aige, eadhon ann an sporan, agus bha a chrann-tabhaill na làimh: agus tharraing e am fagas don Philisteach.

Agus nuair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu robh e na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis.

Agus bha crann a shleagha mar gharman figheadair; agus bha ann an ceann a shleagha sia ceud secel iarainn; agus bha fear a’ giùlan sgèithe ag imeachd roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan