Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh e a bhata na làimh, agus thagh e dha fhèin còig clachan mìne on t‑sruth, agus chuir e iad ann am màla buachaille a bha aige, eadhon ann an sporan, agus bha a chrann-tabhaill na làimh: agus tharraing e am fagas don Philisteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean: (oir is airidh am fear-obrach air a lòn).

Dh’àirmheadh seachd ceud fear taghte am measg an t‑sluaigh seo uile, seachd ceud fear taghte clì-làmhach: thilgeadh gach aon dhiubh seo clach à crann-tabhaill air leud ròineige, agus cha mhearachdaicheadh e.

Agus na dhèidh-san bha Samgar mac Anait, a mharbh de na Philistich sia ceud fear le luirg-iomain dhamh: agus shaor esan Israel mar an ceudna.

Agus chrioslaich Daibhidh a chlaidheamh air uachdar a èididh, agus dh’fheuch e ri imeachd, oir cha do chleachd e iad: agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Chan urrainn mi imeachd leo seo, oir cha do chleachd mi iad. Agus chuir Daibhidh dheth iad.

Agus thàinig am Philisteach air aghaidh agus tharraing e am fagas do Dhaibhidh; agus fear-iomchair a sgèithe roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan