Agus mharbh e Eiphiteach, duine de mheudachd mhòir, còig làmhan-coille air àirde; agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh cosmhail ri garman figheadair: ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich, agus mharbh e le a shleagh fhèin e.
Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe.
Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.
Agus nuair a bha e a’ labhairt riu, feuch, thàinig an curaidh dom b’ainm Goliath, am Philisteach o Ghat, a‑nìos à armailt nam Philisteach, agus labhair e a rèir nam briathran ceudna: agus chuala Daibhidh iad.