Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh mi a‑mach na dhèidh, agus bhuail mi e, agus shaor mi as a bheul e. Agus nuair a dh’èirich e am aghaidh, rug mi air fheusaig air, agus bhuail mi e, agus mharbh mi e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.

Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon.

Chuir mo Dhia-sa a‑nuas aingeal, agus dhruid e beòil nan leòmhann, air chor is nach do rinn iad mo dhochann: do bhrìgh na fhianais gun d’fhuaireadh neochiontas annam; agus fòs ad fhianais-sa, O rìgh, cha do rinn mi cron sam bith.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh.

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Bha do sheirbhiseach ag ionaltradh caoraich a athar, agus thàinig leòmhann, agus math-ghamhainn, agus thug e uan as an treud:

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan