Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Bha do sheirbhiseach ag ionaltradh caoraich a athar, agus thàinig leòmhann, agus math-ghamhainn, agus thug e uan as an treud:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

An nì sin a reubadh le fiadh-bheathaichean cha tug mi ad ionnsaigh; ghiùlain mi fhèin a chall: om làimh-sa dh’iarr thu e, co‑dhiù a ghoideadh e anns an là, no a ghoideadh e anns an oidhche.

Oir, arsa Husai, is aithne dhut d’athair agus a dhaoine, gur daoine treuna iad agus tha iad air am feargachadh nan spiorad, mar mhath-ghamhainn on tugadh a cuileanan anns a’ mhachair: agus is fear-cogaidh d’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t‑sluagh.

Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.

Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda.

Is cuimhne leam na làithean o chian; tha do ghnìomharan gu lèir a’ teachd am aire; tha mi a’ beachd-smaoineachadh air obair do làmh.

Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh.

Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean.

Agus bheir mi air falbh a fhuil as a bheul, agus a ghràinealachdan o eadar fhiaclan: ach an tì a mhaireas, bidh esan airson ar Dè‑ne, agus bidh e mar uachdaran ann an Iùdah, agus Ecron mar an t‑Iebusach.

Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a’ fantainn a‑muigh, agus a’ dèanamh faire-oidhche air an treud.

Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach.

Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:

Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann,

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.

Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e.

Ach dh’fhalbh Daibhidh agus thill e o Shaul, a dh’ionaltradh caoraich a athar ann am Betlehem.

Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Chan urrainn thusa dol an aghaidh an Philistich seo a chogadh ris: oir chan eil annadsa ach òganach, agus tha esan na fhear-cogaidh o a òige.

Agus chaidh mi a‑mach na dhèidh, agus bhuail mi e, agus shaor mi as a bheul e. Agus nuair a dh’èirich e am aghaidh, rug mi air fheusaig air, agus bhuail mi e, agus mharbh mi e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan