Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Chan urrainn thusa dol an aghaidh an Philistich seo a chogadh ris: oir chan eil annadsa ach òganach, agus tha esan na fhear-cogaidh o a òige.
Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?
Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Bha do sheirbhiseach ag ionaltradh caoraich a athar, agus thàinig leòmhann, agus math-ghamhainn, agus thug e uan as an treud:
Agus nuair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu robh e na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis.