Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.
Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.
Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra.
Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain-fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh-san.
Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?
Agus nuair a bha e a’ labhairt riu, feuch, thàinig an curaidh dom b’ainm Goliath, am Philisteach o Ghat, a‑nìos à armailt nam Philisteach, agus labhair e a rèir nam briathran ceudna: agus chuala Daibhidh iad.
Agus thubhairt fir Israeil, Am faca sibh am fear seo a tha air teachd a‑nìos? Gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel a tha e air teachd a‑nìos: agus ge bè fear a mharbhas e, nì an rìgh saoibhir e le mòr-shaoibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus nì e taigh a athar saor ann an Israel.