Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàg Daibhidh an t‑uidheam a chuir e dheth ann an làimh fear-gleidhidh an uidheim, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt, agus thàinig e, agus chuir e fàilte air a bhràithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math, agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem.

Agus nuair a thàinig Uriah da ionnsaigh, dh’fheòraich Daibhidh dheth cionnas a bha Ioab, agus cionnas a bha an sluagh, agus cionnas a chaidh an cogadh air aghaidh.

Agus chaidh Maois a‑mach an coinneamh a athar-chèile, agus rinn e ùmhlachd dha, agus phòg e e, agus dh’altaich iad beatha a chèile: agus thàinig iad a‑steach don bhùth.

Thàinig e gu Aiat, chaidh e thairis gu Migron; aig Michmas taisgidh e a àirneis.

Agus thionndaidh iad gus a sin, agus thàinig iad gu taigh an òganaich, an Lèbhitheach, eadhon gu taigh Mhicah, agus chuir iad fàilte air.

Agus thionndaidh iad, agus dh’imich iad, agus chuir iad a’ chlann bheag, agus an sprèidh, agus gach nì luachmhor romhpa.

Oir chuir Israel agus na Philistich iad fhèin an òrdagh catha, armailt an aghaidh armailt.

Agus chuir Daibhidh uaithe deichnear òganach; agus thubhairt Daibhidh ris na h‑òganaich, Gabhaibh suas gu Carmel, agus rachaibh a dh’ionnsaigh Nàbeil, agus cuiribh fàilte air am ainm-sa.

Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh an dà cheud fear, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad Daibhidh a leantainn, agus air an tug iad fantainn aig an t‑sruth Besor: agus chaidh iad a‑mach an coinneamh an t‑sluaigh a bha maille ris: agus nuair a thàinig Daibhidh am fagas don t‑sluagh, chuir e fàilte orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan