Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chèile, agus champaich iad ann an gleann Elah, agus chuir iad an cath an òrdagh an aghaidh nam Philisteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

A‑nis bha Saul agus iadsan, agus fir Israeil uile, ann an gleann Elah, a’ cogadh ris na Philistich.

Agus sheas na Philistich air sliabh air aon taobh, agus sheas Israel air sliabh air an taobh eile: agus bha gleann eatorra.

Agus dh’èirich Daibhidh, agus theich e air an là sin à fianais Shauil, agus chaidh e gu Achis rìgh Ghat.

Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan