Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iese ri Daibhidh a mhac, Gabh a‑nis airson do bhràithrean ephah den t‑sìol chruadhaichte seo, agus na deich buileannan seo, agus ruith don champ a dh’ionnsaigh do bhràithrean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Leapaichean, agus cuachan, agus soithichean creadha, agus cruithneachd, agus eòrna, agus min mhìn, agus gràn cruadhaichte, agus pònair, agus gall-pheasair, agus peasair chruadhaichte,

Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad?

Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?

Agus thubhairt Bòas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an seo, agus ith den aran, agus tum do ghreim anns an fhìon-gheur. Agus shuidh i ri taobh nam buanaichean: agus shìn e dhi sìol cruadhaichte, agus dh’ith i, agus shàsaicheadh i, agus dh’fhàg i fuidheall.

Agus tharraing am Philisteach am fagas anns a’ mhadainn agus mu fheasgar, agus nochd e e fhèin dà‑fhichead là.

An sin rinn Abigail cabhag, agus ghabh i dà cheud buileann arain, agus dà shearraig fhìona, agus còig caoraich air an deasachadh, agus còig tomhaisean de shìol cruadhaichte, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus dà cheud meall de fhìgean; agus chuir i air asail iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan