Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich an triùir mhac a bu shine aig Iese, agus chaidh iad an dèidh Shauil a‑chum a’ chogaidh; agus b’iad ainmean a thriùir mhac a chaidh a dh’ionnsaigh a’ chogaidh, Eliab an ciad-ghin, agus na dhèidh-san Abinadab, agus an treas mac Samah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta.

Agus fhreagair Ionadab mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, agus thubhairt e, Na smaoinicheadh mo thighearna gun do mharbh iad na h‑òganaich uile, mic an rìgh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh: oir le Absalom shuidhicheadh an nì seo, on là anns an d’èignich e a phiuthar Tàmar.

Agus nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, e.

Agus ghin Iese a chiad-ghin Eliab, agus Abinadab an dara mac, agus Sima an treas,

Agus chuala Eliab, a bhràthair a bu shine, nuair a labhair e ris na daoine: agus las fearg Eliaib an aghaidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Carson a thàinig thu a‑nuas an seo? Agus cò aige a dh’fhàg thu am beagan chaorach sin anns an fhàsach? Tha mi fiosrach air d’uabhar agus olcas do chridhe; oir is ann a dh’fhaicinn a’ chatha a thàinig thu a‑nuas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan