Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 17:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i anns an t‑slighe gu Ephrat, eadhon Betlehem.

A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil:

Feuch, chuala sinn uime aig Ephratah; fhuair sinn e ann am machraichean na coille.

Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.

Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias,

Agus nuair a rugadh Iosa ann am Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, feuch, thàinig draoidhean on àird an ear gu Ierusalem,

Agus thusa Bhetlehem ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel.

Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.

Agus thug na ban-choimhearsnaich ainm air, ag ràdh, Rugadh mac do Naòmi; agus thug iad Obed mar ainm air: Is esan athair Iese, athair Dhaibhidh.

Agus ghin Obed Iese, agus ghin Iese Daibhidh.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Nuair a chuala Saul agus Israel uile bhriathran sin an Philistich, bha iad fo uamhas, agus fo eagal mòr.

Agus thubhairt Saul ris, Cò dom mac thu, òganaich? Agus fhreagair Daibhidh, Is mi mac do sheirbhisich Iese, am Betlehemeach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan