Agus na dhèidh-san bha Eleàsar mac Dhodo an t‑Ahohach, aon den triùir dhaoine treuna a bha maille ri Daibhidh, nuair a thug iad dùbhlan do na Philistich a chruinnicheadh an sin gu cath, agus a dh’imich fir Israeil romhpa.
Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh.
Ach nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t‑Amonach, agus Gesem an t‑Arabach e, rinn iad gàire fanaid oirnn, agus rinn iad tàir oirnn, agus thubhairt iad, Ciod an nì seo a tha sibh a’ dèanamh? An dèan sibh ceannairc an aghaidh an rìgh?
Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:
A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.
Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.
An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan.