1 Samuel 16:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe. Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.