1 Samuel 16:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Faic an caibideil |
An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.
Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.