Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?
Agus air mo shon-sa dheth, nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanàain, air an t‑slighe, nuair nach robh fhathast ach astar goirid ri teachd gu Ephrat: agus dh’adhlaic mi an sin i air an t‑slighe gu Ephrat; is e sin Betlehem.
Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?
Agus nuair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An e sìth a tha ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t‑sìth, fhad is a bhios strìopachas Iesebeil, do mhàthair, agus a draoidheachdan cho lìonmhor?
Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,
An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.
An sin thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich an sagart: agus bha eagal air Ahimeleich a’ coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Carson a tha thu ad aonar, agus nach eil duine sam bith maille riut?