Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 16:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus sheas e na fhianais; agus ghràdhaich e gu mòr e, agus bha e aige na fhear-iomchair a arm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.

Is sona do dhaoine, is sona iad seo do sheirbhisich, a sheasas ann ad fhianais an còmhnaidh, ag èisdeachd rid ghliocas.

Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à uachdarain.

Na earbaibh à uachdarain, à mac duine sam bith, anns nach eil furtachd.

Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas.

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Ach Iosua mac Nuin, a tha na sheasamh ad làthair, thèid esan a‑steach an sin. Thoir misneach dha, oir bheir e air Israel a shealbhachadh.

Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.

An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs.

Agus chuir Saul teachdaire a dh’ionnsaigh Iese, ag ràdh, Seasadh, guidheam ort, Daibhidh am fhianais; oir fhuair e deagh-ghean am shùilean.

Ach dh’fhalbh Daibhidh agus thill e o Shaul, a dh’ionaltradh caoraich a athar ann am Betlehem.

Agus nuair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a‑mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e ri Abner, ceannard an t‑sluaigh, Abneir, cò dom mac an t‑òganach seo? Agus thubhairt Aber, Mar as beò d’anam, O a rìgh, chan eil fhios agam.

Agus ghairm Ionatan air Daibhidh, agus chuir Ionatan an cèill dha na briathran sin uile: agus thug Ionatan Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus bha e na fhianais mar a bha e roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan