Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 16:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh Iese, agus thubhairt e, Cuir am ionnsaigh Daibhidh do mhac, a tha maille ris na caoraich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing-dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara-cuing-deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air.

A‑chum a chur na shuidhe le àrd-uaislean, le àrd-uaislean a shluaigh.

Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith-thalmhainn.

Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo.

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Agus ghabh Iese asal luchdaichte le aran, agus searrag fhìona, agus meann de na gobhair, agus chuir e iad le làimh Dhaibhidh a mhac a dh’ionnsaigh Shauil.

Ach dh’fhalbh Daibhidh agus thill e o Shaul, a dh’ionaltradh caoraich a athar ann am Betlehem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan