Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 16:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus tùirlingidh Spiorad an Tighearna ort, agus nì thu fàidheadaireachd maille riùsan, agus tionndaidhear thu ad dhuine eile.

Ghràdhaich thu fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia-sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach.

An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha.

An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?

Agus thàinig spiorad an Tighearna air Iephtah; agus chaidh e thairis gu Gilead agus Manaseh, agus o sin chaidh e thairis gu Mispeh Ghilead, agus o Mhispeh Ghilead chaidh e thairis gu cloinn Amoin.

Agus bha spiorad an Tighearna air, agus thug e breith air Israel, agus chaidh e a‑mach a chogadh: agus thug an Tighearna thairis da làimh Cusan-risataim, rìgh Mhesopotamia; agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan-risataim.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh ad ionnsaigh Iosua mac Nuin, duine anns a bheil an spiorad, agus cuir do làmh air.

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel.

Agus thùirling spiorad Dhè air Saul nuair a chuala e an sgeul sin, agus lasadh a fhearg gu mòr.

Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e.

Agus thòisich spiorad an Tighearna ra bhrosnachadh air uairean ann an camp Dhain, eadar Sorah agus Estaol.

Agus thig mise a‑nuas agus labhraidh mi riut an sin: agus gabhaidh mi den spiorad a tha ortsa, agus cuiridh mi orrasan e; agus giùlainidh iad eallach an t‑sluaigh maille riut, a‑chum is nach giùlain thu fhèin e ad aonar.

Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil.

Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:

Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.

Agus bha eagal air Saul ro Dhaibhidh, do bhrìgh gu robh an Tighearna maille ris, agus gun d’imich e o Shaul.

Agus thàinig daoine Iùdah, agus dh’ung iad an sin Daibhidh na rìgh os cionn taigh Iùdah. Agus dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, B’iad daoine Iabeis-ghilead a dh’adhlaic Saul.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.

Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Is tusa an duine. Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Dh’ung mise thu ad rìgh os cionn Israeil, agus shaor mi thu à làimh Shauil:

A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil:

Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e,

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.

Lem bi mo làmh gu daingeann; mar an ceudna neartaichidh mo ghàirdean e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan