Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.
Agus dh’fhàg e gach nì a bha aige an làimh Iòseiph, agus cha b’fhios dha aon nì a bha aige, saor on aran a bha e ag ithe. Agus bha Iòseph na dhuine maiseach, agus sgiamhach anns an aghaidh.
A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil:
A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel:
Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,
Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,
Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh.
An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.
Agus nuair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu robh e na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis.
Agus nuair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a‑mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e ri Abner, ceannard an t‑sluaigh, Abneir, cò dom mac an t‑òganach seo? Agus thubhairt Aber, Mar as beò d’anam, O a rìgh, chan eil fhios agam.