Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 16:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot-gilead.

Agus gabhaidh tu an còrn ola, agus taomaidh tu air a cheann e, agus their thu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel; an sin fosglaidh tu an doras, agus teichidh tu, agus chan fhan thu.

Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.

Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile.

Agus thig geug a‑mach o bhonn Iese, agus fàsaidh faillean suas as a fhreumhan.

Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor.

Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich, na cheann-iùil agus na uachdaran do na slòigh.

Air an adhbhar sin na dèan thusa ùrnaigh airson an t‑sluaigh seo, nì mo a thogas thu suas glaodh na athchuinge as an leth: oir chan èisd mise anns an àm anns an glaodh iad rium, ann an airce.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.

Airgead nach fiù theirear riu, a chionn gun do chuir an Tighearna cùl riu.

Air an adhbhar sin, na guidh thusa airson an t‑sluaigh seo, cha mhò a chuireas tu suas glaodh no athchuinge as an leth, cha mhò a nì thu eadar-ghuidhe riumsa; oir chan èisd mise riut.

An sin thubhairt esan, Is iad seo an dithis ungte a tha nan seasamh làimh ri Tighearna na talmhainn uile.

Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.

Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:

Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.

An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel.

Agus cha tàinig Samuel tuilleadh a dh’fhaicinn Shauil gu là a bhàis; gidheadh, rinn Samuel bròn airson Shauil: agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e Saul na rìgh air Israel.

Agus thubhairt seirbhisich Shauil ris, Feuch a‑nis, tha droch spiorad o Dhia a’ cur buaireis ort.

Agus nuair a bha an droch spiorad o Dhia air Saul, an sin ghabh Daibhidh clàrsach, agus chluich e le a làimh: agus bha fois aig Saul, agus bha e gu math; oir dh’fhalbh an droch spiorad uaithe.

A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois.

Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan