1 Samuel 15:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Ben-hadad ris, Na bailtean a thug m’athair-sa od athair-sa, bheir mise air an ais, agus nì thusa sràidean dhut fhèin ann an Damascas, mar a rinn m’athair-sa ann an Samaria. An sin thubhairt Ahab, Leigidh mise air falbh thu leis a’ choicheangal seo. Mar seo rinn e coicheangal ris, agus leig e air falbh e.