Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 15:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur.

Is e ainm na ciad aibhne Pison; seo i a tha a’ cuartachadh tìr Habhilah uile, far a bheil òr.

Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.

Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab. B’iad sin uile mic Ioctain.

Agus bhuail iad am fuidheall a chaidh as de Amalec, agus chòmhnaich iad an sin gus an là‑an‑diugh.

Gun gleidhear an t‑aingidh a‑chum là an sgrios; a‑chum là na feirge gun toirear a‑mach iad.

Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge.

Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè.

Agus thog e sluagh, agus bhuail e na h‑Amalecich, agus shaor e Israel à làimh na muinntir a bha gam milleadh.

Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.

Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan