Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 15:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall-fhalach anns a’ ghleann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh e mu thimcheall còig mìle fear agus chuir e iad a dhèanamh feall-fhalaich eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar den bhaile.

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas:

Agus chruinnich Saul an sluagh an ceann a chèile, agus dh’àireamh e iad ann an Telaim, dà cheud mìle coisiche, agus deich mìle fear de Iùdah.

Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan