Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 15:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ghabh an sluagh den chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithean a bu chòir a bhith air an sgrios gu tur, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia ann an Gilgal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.

Agus thubhairt an Tighearna Dia ris a’ mhnaoi, Ciod e seo a rinn thu? Agus thubhairt a’ bhean, Mheall an nathair mi, agus dh’ith mi.

Oir dh’fhaodadh an ola seo a bhith air a reic air mhòran, agus a bhith air a toirt do na bochdan.

Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan