Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 15:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir an Tighearna thu air thuras, agus thubhairt e, Falbh, agus sgrios gu tur na peacaich, na h‑Amalecich, agus cog nan aghaidh gus an cuir thu as dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr.

Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar.

Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn.

Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt?

Is neart do na h‑ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd-dèanamh na h‑euceirt.

Leanaidh olc peacaich; ach do na fìreanan ìocar math.

Tùiseirean nam peacach ud an aghaidh an anama fhèin, agus dèanadh iad dhiubh leacan leathann mar chòmhdach don altair: oir thug iad seachad iad an làthair an Tighearna, air an adhbhar sin tha iad coisrigte; agus bidh iad nan comharradh do chloinn Israeil.

Air dhuinne a tha nar n‑Iùdhaich a‑thaobh nàdair, agus chan ann nar peacaich de na Cinnich,

A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan