Agus thàrladh, nuair a chuala Ahiah fuaim a cas, agus i a’ teachd a‑steach air an doras, gun dubhairt e, Thig a‑steach, a bhean Ierobòaim: carson a tha thu a’ gabhail ort gur bean eile thu? Ach chuireadh mise ad ionnsaigh le teachdaireachd chruaidh.
A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean.
Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.
Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.
Agus nuair a bha iad a’ dol sìos gu iomall a’ bhaile, thubhairt Samuel ri Saul, Abair ris an òganach dol air aghaidh romhainn, (agus chaidh e air aghaidh,) ach seas thusa tamall, agus cuiridh mi an cèill dhut facal Dhè.