Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur-theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi:
A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.
Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.
Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.