Agus chuir Daibhidh teachdairean a dh’ionnsaigh daoine Iabeis-ghilead, agus thubhairt e riu, Beannaichte gu robh sibh on Tighearna, a‑thaobh gun do nochd sibh an coibhneas seo dur tighearna, do Shaul, agus gun d’adhlaic sibh e.
Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo-thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh.
Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.
Agus thubhairt e ra mhàthair, Am mìle agus an ceud secel airgid, a thugadh air falbh uat, mun do mhallaich thu, agus mun do labhair thu cuideachd ann am chluasan-sa, feuch, tha an t‑airgead agamsa; ghabh mise e. Agus thubhairt a mhàthair, Guma beannaichte thusa on Tighearna, a mhic.
Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna, mo nighean; nochd thu tuilleadh coibhneis mu dheireadh na an toiseach, do bhrìgh nach deachaidh tu an dèidh òigfhir, bochd no beartach.
Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel; agus chaidh Saul a‑mach na choinneamh a‑chum gum beannaicheadh e dha.
Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.
Agus thubhairt Saul ri Samuel, Seadh, dh’èisd mi ri guth an Tighearna, agus dh’imich mi air an t‑slighe air an do chuir an Tighearna mi, agus thug mi leam Agag, rìgh Amaleic, agus sgrios mi gu tur na h‑Amalecich:
Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur.
Ach dh’innis fear de na h‑òganaich do Abigail bean Nàbeil, ag ràdh, feuch, chuir Daibhidh teachdairean as an fhàsach a chur fàilte air ar maighistir, agus thug e ana-cainnt dhaibh.