Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 15:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

44 Iomraidhean Croise  

Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.

Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.

Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Agus bha fearg air an Tighearna ri Solamh, a chionn gun do chlaon a chridhe on Tighearna, Dia Israeil, a dh’fhoillsich e fhèin dha dà uair,

Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;

Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

A chionn gun do thionndaidh iad air an ais uaithe, agus nach tug iad fa‑near aon air bith de a shlighean.

An èirig mo ghràidh tha iad naimhdeil dhomh, agus mi ri ùrnaigh.

Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu bràth, a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh.

Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!

Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh.

Seadh, thill iad air an ais, agus bhuair iad Dia, agus chuir iad tomhas air Aon naomh Israeil.

Ach thill iad, agus ghluais iad gu fealltach mar an athraichean; chaidh iad a thaobh, mar bhogha fiar.

Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?

Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh.

Tha iad air tilleadh air an ais gu aingidheachd an athraichean o shean, a dhiùlt mo bhriathran-sa a choimhead; agus a chaidh air lorg dhia coimheach, a‑chum gun dèanadh iad seirbhis dhaibh: bhris taigh Israeil agus taigh Iùdah mo choicheangal, a rinn mi rin athraichean.

Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna.

Ach thill sibh, agus thruaill sibh m’ainm, agus thug sibh, gach aon air a òglach, agus gach aon air a bhanoglaich, a leig e saor uaithe gu a thoil fhèin, tilleadh air an ais; agus chuir sibh fo smachd iad, gu bhith dhuibh nan òglaich agus nam banoglaich.

Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!

Agus deifricheadh iad, agus togadh iad suas caoidh air ar son, a‑chum gun ruith ar sùilean sìos le deòir, agus gum brùchd ar rosgan a‑mach le uisgeachan.

Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna.

Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e.

Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.

Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.

Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.

A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann.

Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna?

Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.

An sin thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Shamueil, ag ràdh,

A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.

Agus cha tàinig Samuel tuilleadh a dh’fhaicinn Shauil gu là a bhàis; gidheadh, rinn Samuel bròn airson Shauil: agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e Saul na rìgh air Israel.

Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

Ach mhì-thaitinn an nì ri Samuel, nuair a thubhairt iad, Thoir dhuinn rìgh gu breith a thoirt oirnn: agus rinn Samuel ùrnaigh ris an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan