Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 14:51

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus b’e ainm bean Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannard a shluaigh Abner mac Neir, bràthair-athar Shauil.

Agus dh’èirich Daibhidh, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an àit anns an do champaich Saul; agus chunnaic Daibhidh an t‑àit anns an robh Saul na laighe, agus Abner mac Neir, ceannard a armailte: agus laigh Saul an taobh a‑staigh den chlais-bhlàir, agus champaich an sluagh ma thimcheall.

Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart.

Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan