Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas;
An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.
Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich.
Agus eadar na bealaichean, air an d’iarr Ionatan dol thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nam Philisteach, bha creag gheur air aon taobh, agus creag gheur air an taobh eile: agus b’e ainm creige dhiubh Boses, agus ainm na creige eile Seneh.
Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.