Agus leum an sluagh air a’ chreich, agus ghabh iad caoraich, agus buar, agus laoigh, agus mharbh iad air an talamh iad: agus dh’ith an sluagh iad leis an fhuil.
Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha sibh ag ithe maille ris an fhuil, agus a’ togail ur sùl suas ri ur n‑iodhalan, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhaich sibh am fearann?
Sibh a sheachnadh nithean a chaidh ìobradh do iodhalan, agus fala, agus nì tachdte, agus strìopachais: uapa seo ma choimheadas sibh sibh fhèin, nì sibh gu math. Slàn leibh.