Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.
Agus thàinig an duine seo a‑nìos as a bhaile gach bliadhna, a dhèanamh adhraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh: agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin.
Agus thubhairt Saul, Rachamaid sìos an dèidh nam Philisteach anns an oidhche, agus creachamaid iad gu solas na maidne, agus na fàgamaid fear dhiubh. Agus thubhairt iadsan, Dèan gach nì as math leat. An sin thubhairt an sagart, Thigeamaid am fagas an seo a dh’ionnsaigh Dhè.
Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?
Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gun do ghlacadh àirc Dhè, agus airson a h‑athar-cèile agus a fir:)
Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.