Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 14:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala na fir sin uile de Israel, a dh’fhalaich iad fhèin ann an sliabh Ephraim, gun do theich na Philistich, dhlùth-lean iadsan mar an ceudna nan dèidh anns a’ chath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnicheadh fir Israeil ri chèile à Naphtali, agus à Aser, agus à Manaseh uile, agus chaidh iad air tòir nam Midianach.

Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.

Agus nochd iad le chèile iad fhèin do fhreiceadan nam Philisteach: agus thubhairt na Philistich, Feuch, tha na h‑Eabhraidhich a’ teachd a‑mach as na tuill anns an d’fhalaich iad iad fhèin.

Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan