Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.
Agus shèid an trì cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile; agus theich an sluagh gu Betsitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil-meholah, làimh ri Tabat.
Agus bha ball-chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir.
An sin thubhairt Saul ris an t‑sluagh a bha maille ris, Gabhaibh àireamh a‑nis agus faicibh cò a dh’fhalbh uainn. Agus, nuair a chaidh an àireamh, feuch, cha robh Ionatan agus fear-iomchair a airm an sin.
Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh a’ chatha; agus, feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh ro‑mhòr ann.