Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 14:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis air là àraidh thubhairt Ionatan mac Shauil ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis gu freiceadan nam Philisteach, a tha air an taobh thall: ach cha d’innis e da athair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Na earbaibh à caraid; na cuiribh muinghinn ann am fear-iùil: on tè a laigheas ann ad uchd glèidh dorsan do bheòil.

Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e.

Agus ghabh e dhith na làmhan, agus chaidh e air aghaidh ag ithe, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a athar agus a mhàthar, agus thug e dhaibh, agus dh’ith iad: ach cha d’innis e dhaibh gum b’ann à closaich an leòmhainn a thug e a’ mhil.

An sin ghabh Gideon deichnear dhaoine de a sheirbhisich, agus rinn e mar a thubhairt an Tighearna ris: agus thàrladh, a chionn gu robh eagal teaghlach a athar air, agus daoine a’ bhaile, air chor is nach b’urrainn e a dhèanamh anns an là, gun do rinn e anns an oidhche e.

An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Mar sin thachair e ann an là a’ chatha, nach d’fhuaireadh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith den t‑sluagh, a bha maille ri Saul agus Ionatan: ach fhuaireadh aig Saul agus aig a mhac Ionatan.

Agus chaidh freiceadan nam Philisteach a‑mach gu bealach Mhichmais.

Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Ghibeah, fo chraoibh pomgranait a tha ann am Migron: agus bha an sluagh a bha maille ris mu thimcheall sia ceud fear;

Agus thubhairt i ra h‑òganaich, Rachaibh air ur n‑aghaidh romham: feuch, tha mi a’ teachd nur dèidh: ach cha d’innis i sin da fear Nàbel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan