Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Saul, Thugaibh am ionnsaigh an seo ìobairt-loisgte, agus tabhartasan-sìthe. Agus thug e suas an ìobairt-loisgte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte, agus ìobairtean-sìth: agus bha an Tighearna rèidh ris an tìr, agus chaisgeadh a phlàigh o Israel.

Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr-àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin.

Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.

Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.

Na abair, Iocaidh mi olc airson uilc: feith air an Tighearna, agus saoraidh e thu.

Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?

Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt.

Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.

Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite-còmhnaidh-san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.

Agus bheir sibh gu sin ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, agus ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus ur bòidean, agus ur saor-thabhartasan, agus ciad-ghin ur cruidh agus ur caorach.

Agus thubhairt Saul ri Ahiah, Thoir an seo àirc Dhè; oir bha àirc Dhè anns an àm sin maille ri cloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan