Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith.
Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh.
Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh, a bhàrr air sin, ris an t‑sluagh, agus their iad, Cò e an duine a tha gealtach, agus lag-chridheach? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, a‑chum nach dèan e cridhe a bhràithrean lag mar a chridhe fhèin.
Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.
Agus am fearann seo, a shealbhaich sinn anns an àm sin, o Aroer, a tha làimh ri sruth Arnoin, agus leth sliabh Ghilead, agus a bhailtean, thug mi do na Reubenich, agus do na Gadaich.
Maille ris an leth-threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd-san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;
Agus a‑nis uime sin gairm ann an cluasan an t‑sluaigh, ag ràdh, Ge bè neach air a bheil eagal agus geilt, tilleadh e, agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead. Agus thill den t‑sluagh dà mhìle ar fhichead, agus dh’fhan deich mìle.
Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta.