Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.

Agus chaidh clann Israeil àireamh, agus bha iad uile an làthair, agus chaidh iad nan coinneamh: agus champaich clann Israeil fan comhair, mar dhà threud bheag ghobhar: ach lìon na Sirianaich an tìr.

A‑nis, a Thighearna Dhè, coileanar do ghealladh do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise ann am rìgh air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn.

Thàinig e gu Aiat, chaidh e thairis gu Migron; aig Michmas taisgidh e a àirneis.

Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh-chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.

Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann.

Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris.

Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh-se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet-abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna.

Sèidibh-se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet-abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin!

Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar.

Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor.

Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet-abhen.

Agus chuir Iosua daoine o Iericho gu Ai, a tha làimh ri Betabhen, air an taobh an ear de Bhetel, agus labhair e riu, ag ràdh, Rachaibh suas, agus rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus chaidh na daoine suas, agus rannsaich iad a‑mach Ai.

Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.

Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas;

An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen.

Agus bha cogadh dian an aghaidh nam Philisteach rè uile làithean Shauil: agus nuair a chìtheadh Saul fear làidir sam bith no fear treun sam bith, ghabhadh e da ionnsaigh e.

A‑nis chruinnich na Philistich an slòigh an ceann a chèile gu cath, agus chruinnicheadh iad aig Sochoh, a bhuineas do Iùdah; agus champaich iad eadar Sochoh agus Asecah, ann an Ephes-damim.

Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan