Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Uime sin shèid Ioab trompaid, agus stad an sluagh uile, agus cha deachaidh iad nas mò air tòir Israeil, agus cha do chog iad nas mò.

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Agus bha Daibhidh an sin ann an daingneach, agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem.

Chaidh iad a‑null air an aiseag; ann an Gebah ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh.

Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.

Agus Chephar-haamonai, agus Ophni, agus Gabah: dà mhòr-bhaile dheug lem bailtean beaga.

Agus à treubh Bheniàmin, Gibeon le a fhearann co‑roinn, Gebah le a fhearann co‑roinn,

Agus nuair a bha e air teachd, shèid e trompaid ann an sliabh Ephraim, agus chaidh clann Israeil sìos maille ris on t‑sliabh, agus esan romhpa.

Ach thàinig spiorad an Tighearna air Gideon, agus shèid e trompaid, agus ghairm e Abieser na dhèidh.

Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd:

Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha an làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniàmin: ach champaich na Philistich ann am Michmas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan