Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin thachair e ann an là a’ chatha, nach d’fhuaireadh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith den t‑sluagh, a bha maille ri Saul agus Ionatan: ach fhuaireadh aig Saul agus aig a mhac Ionatan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.

Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean creadha, a‑chum gum bi òirdheirceas a’ chumhachd o Dhia, agus chan ann uainne.

Thagh iad diathan nuadha; an sin bha cogadh anns na geatachan: an robh sgiath no sleagh rim faicinn am measg dà‑fhichead mìle ann an Israel?

Gidheadh bha eighe aca airson nam piocaidean, agus airson nan soc, agus airson nan trì-mheurach, agus airson nan tuaghan, agus a gheurachadh nam bior.

Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh-ne.

Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann-tabhaill agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e: ach cha robh claidheamh ann an làimh Dhaibhidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan