Uime sin chaidh na h‑Israelich uile sìos a dh’ionnsaigh nam Philisteach, gach duine a gheurachadh a shuic, agus a chaibe, agus a thuaighe, agus a phiocaid.
Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh.
A‑nis cha d’fhuaireadh gobha ann an tìr Israeil uile: (oir thubhairt na Philistich, Air eagal gun dèan na h‑Eabhraidhich dhaibh fhèin claidheamhan no sleaghan:)