1 Samuel 13:2Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha. Faic an caibideil |
Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.