Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis cha d’fhuaireadh gobha ann an tìr Israeil uile: (oir thubhairt na Philistich, Air eagal gun dèan na h‑Eabhraidhich dhaibh fhèin claidheamhan no sleaghan:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thug e leis Ierusalem uile, agus na ceannardan uile, agus na daoine treuna uile, deich mìle de bhraighdean, agus an luchd-ceàirde uile, agus na goibhnean: cha d’fhan a h‑aon ach bochdan sluagh na tìre.

Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs.

Dh’fhoillsich an Tighearna dhomh, agus, feuch, dà chliabh fhìgean air an cur fa chomhair teampall an Tighearna, an dèidh do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, agus maithean Iùdah, agus an luchd-ealain, agus na h‑airm-cheàird, a thoirt air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem, agus an toirt leis gu Bàbilon:

(An dèidh do Ieconiah an rìgh, agus a’ bhànrighinn, agus na caillteanaich, agus maithean Iùdah agus Ierusaleim, agus an luchd-ealain, agus na h‑airm-cheàird, imeachd air falbh o Ierusalem);

Thagh iad diathan nuadha; an sin bha cogadh anns na geatachan: an robh sgiath no sleagh rim faicinn am measg dà‑fhichead mìle ann an Israel?

Uime sin chaidh na h‑Israelich uile sìos a dh’ionnsaigh nam Philisteach, gach duine a gheurachadh a shuic, agus a chaibe, agus a thuaighe, agus a phiocaid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan